musicas.mus.br

Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - O NIGHEAN DONN NAN GOBHAR - MARY JANE LAMOND - música e letra

Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas

A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

O Nighean Donn Nan Gobhar letra


Ged a tha mi 'nochd 's a'chòisridh
Maille ri fleasgaichean bòsdail
'S nionagan cho rìomhach, spòrsail
Le sìoda 's le sròl a' danns'

Ó nighean donn nan gobhar
É nighean donn nan gobhar
Trom m' inntinn 'is mi nad dheoghaigh
Bòidheach, laghach, mo nighean donn

Nionagan cho rìomhach stràiceil
'S beag a chuir mi dh'ùigh 'n an àbhachd
'S mòr gu'm b'annsa leam bhi mànran
Riut, a ghràidh, air sgàth an tùim

'S mór gu'm b'annsa leam bhi 'sùgradh
Leis an nìonag chaoin-ghil, chùil-duibh
Anns an doire, goir an smùdan
Bun an stùic air ùrlar glinn

'S ann leam fhìn bu bhinne chòisridh
Anns a' mhadainn chéitein, cheòthar
Uiseagan os cionn nan lòintean
Smeòraichean air meòir 's a' choill

Siod an ceol bu bhinne chualas
Luinneag foil aig bannal ghruagach
Ag iomain a'chruidh-laoigh do'n bhuaile
Cuach a's buarach air an druim

Lasgadh mo chridhe le gràdh dhuit
'Nuair a nochdadh tu air fàireadh
'S tu cho geal ri cobhar sàile
'Tighinn gu tràigh air bhàrr na tuinn

Mary Jane Lamond - Letras

top 30 músicas

©2003 - 2024 - musicas.mus.br